musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - LAOIDH MHOIRE MHAIGHDEANN - MAGGIE MACINNES - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Laoidh Mhoire Mhaighdeann letra


'Se do bheatha, Mhoire Mhaighdeann
O 's gille do Mhac na a' ghrian
Rugadh am Mac an aois Athar
Oighre Fhlathanais g'ar dion
'S iosal an ceum thug ar Slànuighear
A nuas o Phàrras gu talamh
'Nuair a rugadh E 's an stàbull
Gun tuilleadh aite dha falamh

Cha d'iarr ban-righinn na h-ùmhlachd
Fuirneiseachadh, rùm na seòmar
Cha mhò dh'iarr i mnathan glùine
Ach Righ nan Dùl bhith 'ga còmhnadh
'S èibhinn an sealladh a fhuair i
'Nuair thàinig E nuas a colainn
Rothall i'n anartaibh bàna
An Slànuighear thàinig g'ar ceannach

Cha d'iarr Macan na h-uaisle
Cuision na cluasag na leabaidh
Gus an d'èirich leis a'mhàthair
'Ga chur 's a' mhainnseir 'na chadal
Chruinnich na buachaillean bochda
Ghabhail beachd air anns an tìm sin
Chur misneach an lag 's an làidir
Bhith cho dàna air an Righ sin

Shoillsich rionnag anns an athar
Rinn rathad dha na tri rìghrean
Thàinig 'ga ionnsuidh le h-àbhachd
Gaol is gràdh is fàilte is fìrinn
Aig fheabhas rinn thu a ghlàidheadh
Dol leis a latha 's a dh'oidhche
Aig fheabhas rinn thu air feitheamh
'Se do bheatha Mhoire Mhaighdeann

Maggie MacInnes - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br